Celtic Lyrics Corner > Artists & Groups > Anna Murray > Trì Nithean > Nighean Mo Ghaol
|
Nighean Mo Ghaol |
| Credits : | Arranged by Anna Murray & Iain F. Macleod |
| Appears On : | Trì Nithean |
| Language : | Gàidhlig (Scottish Gaelic) |
| Other Versions : |
"
Oran Sugraidh
" on Capercaillie's album Roses And Tears
" 'Si Nighean Mo Ghaoil, An Nighean Donn Òg " on Cliar's album Grinn Grinn |
Lyrics :
Chorus (after each verse)
:
'S e nighean mo ghaoil-s' an nighean donn òg
Nam biodh tu ri m' thaobh cha bhithinn fo bhròn
'S e nighean mo ghaoil-s' an nighean donn òg
'S i Màiri Nic Neacain as daicheile pearsa
Ghabh mis' uiread beachd oirr' ri neach a tha beò
Nuair sheallainn air d'aodann 's mi'n coinneamh ri d'fhaotainn
Bu mhath leam na faodainn bhith daonnan 'nad chòir
'S on thug thu dhomh gealladh, 's ann dhut-sa nach aithreach
'S chan fhaicear thu'n ath-bhliadhn' 'nad bhanarach bhò
Cha tèid thu do'n bhuailidh a bhleoghan cruidh ghuaillfhionn
'S cha chuir thu ort cuaran 's gur h-uallach do bhròg
Chan fhòghnadh le m' chruinneag a' bhuarach neo chuinneag
'S cha chluinnear gun cumadh i cuman 'na dòrn
Cha leig mi thu'n fhireach thoirt cruidh as an innis
Air eagal na gillean bhith sireadh do phòg